Com-pàirteachadh
Adhbhar an Rannsachaidh
Chaidh conaltradh a dhèanamh le Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) mar phàirt de dhealbhadh a’ phrògraim Cruth-atharrachaidh aige. Is e amas a’ chruth-atharrachaidh seo stèidheachd foghlam treas ìre nas amalaichte, nas èifeachdaiche agus nas seasmhaiche a bhunachadh a fhrithealas air a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan, Moireibh is Siorrachd Pheairt.
B’ e amas a’ chonaltraidh aig UHI beachdan luchd-ùidhe a thrusadh air na tairgsean tràthail, a bhith a’ tuigsinn mar a bhathas a’ faicinn amalachadh is cruth-atharrachadh agus buaidh a thoirt air an ath ìre den obair a dh’ionnsaigh Cùis Gnothachais Iomlan (CGI).
Modh-obrach
Dhealbh UHI prògram conaltraidh le dòighean-obrach measgaichte a bha a’ toirt còmhla:
- Suirbhidh air-loidhne (551 de fhreagairtean dligheach),
- Buidhnean fòcais (luchd-obrach, oileanaich, gnàthaichearan),
- Coinneamhan air-loidhne agus aghaidh ri aghaidh (20–30 de thachartasan),
- Conaltradh neo-fhoirmeil (m.e., tro chomann nan oileanach, meadhanan sòisealta).
Eadar an 11 chom-pàirtiche aig UHI that 2,500 ball den luchd-obrach, 36,000 oileanach agus mu 50 ionad-ionnsachaidh. Anns na sgìrean air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean, Mhoireibh agus Shiorrachd Pheairt tha seachd ùghdarrasan ionadail agus naoi bùird slàinte, a’ toirt a-steach dà thrian na h-Alba.
Clàr 1: Profaidhl an t-sampaill
Seòrsa/àite freagairtiche | Àireamh de luchd-freagairt | Àireamh sa cheud de luchd-freagairt iomlan |
---|---|---|
Àireamh iomlan | 551 | 100 |
Dàimh ri com-pàirteachas UHI | ||
Oileanach | 144 | 26 |
Neach-obrach | 325 | 60 |
An dà chuid oileanach is neach-obrach | 25 | 5 |
Eile | 52 | 9 |
Com-pàirtiche UHI | ||
UHI Earra-Ghàidheal | 50 | 9 |
UHI Inbhir Nis | 109 | 20 |
UHI Moireibh | 45 | 8 |
UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall | 101 | 18 |
UHI Arcaibh | 43 | 8 |
UHI Peairt | 90 | 16 |
UHI Sealtainn | 36 | 7 |
Colaiste Diadhachd na Gàidhealtachd (HTC) | 3 | 1 |
Sabhal Mòr Ostaig | 5 | 1 |
Comann Saidheans Mara na h-Alba (SAMS) | 7 | 1 |
Air an clàradh gu dìreach le Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) – a’ gabhail a-steach an Ionaid Eachdraidh agus an Ionaid airson Saidheansan Slàinte Dhùthchail | 6 | 1 |
Oifis Stiùiridh UHI | 87 | 16 |
Gun a bhith cinnteach/Mì-chinnteach | 5 | 1 |
Am measg na feadhna a ghabh pàirt san t-suirbhidh bha luchd-obrach, oileanaich, feadhainn a bha an dà chuid nan oileanaich agus nan luchd-obrach, agus luchd-ùidhe eile, is riochdachadh ann o chom-pàirtichean UHI air fad; tha profaidhl an t-sampaill air a chur a-steach an Clàr 1.
Chaidh an Diffley Partnership a choimiseanadh a dhèanamh mion-sgrùdadh air freagairtean air an t-suirbhidh agus nòtaichean le UHI o sheiseanan conaltraidh ri luchd-obrach.
Chaidh mion-sgrùdadh uimhireil a dhèanamh airson freagairtean druidte an t-suirbhidh. Bha am mion-sgrùdadh càileachdail a’ gabhail a-steach còdadh cuspaireil air na beachdan a fhuaras o sheiseanan le luchd-obrach agus mion-sgrùdadh cuspaireil a dhèanamh air toraidhean an t-suirbhidh.
Ged a tha na toraidhean diongalta, tha nàdar fosgailte an t-suirbhidh a’ fàgail gun e sampall neo-chosalachd a th’ ann agus nach gabh e coitcheannachadh ri sluagh iomlan UHI.
Seiseanan Conaltraidh ri Luchd-obrach
Sholair Diffley Partnership mion-sgrùdadh air na prìomh cheistean a thogadh ann an coinneamhan conaltraidh ri luchd-obrach a bha air an cumail le Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI).
Am measg nam prìomh chuspairean o na seiseanan seo bha na leanas:
- Mì-chinnt mu cho-aonaidhean: Thog luchd-obrach iomagainean mu phrionnsabalan stiùireach airson co-aonaidhean, cothromachd a thaobh fastaidh, agus leasanan a chaidh ionnsachadh o cho-aonaidhean a bh’ ann cheana, gu sònraichte UHI TIIG.
- Cion trìd-shoilleireachd is follaiseachd: Bha mòran aig nach robh tuigse shoilleir air an t-susbaint, an ùghdarrachd, agus na pròiseasan co-dhùnaidh a thaobh na Cùise Gnothachais Iomlain (CGI).
- Diofar bheachdan air roghainnean cruth-atharrachaidh: Chaidh soilleireachadh iarraidh a thaobh mhodailean sònraichte (Roghainnean 3, 4, 5, is 6), agus cuid a’ taobhadh ri modh uidh air n-uidh no co-mheasgaichte.
- Iomagainean a thaobh cumhachd co-dhùnaidh: Bha e na cheist aig an luchd-obrach an toireadh com-pàirtichean nach robh sa chruth-atharrachadh buaidh air co-dhùnaidhean aig am biodh èifeachd air an lìonra air fad.
- Leasachadh dreuchdail agus cothromachd: Bhathas gu dian ag iarraidh tuarastal is slighean àrdachaidh bun-tomhasaichte, agus taic nas fheàrr airson fàs proifeiseanta.
- Tèarainteachd chosnaidhean agus atharrachaidhean ann an dreuchdan: Bha e gu mòr am follais gun robh cur às do dh’obraichean is co-dhlùthachadh dhreuchdan a’ cur eagal air daoine, cho math ri ceistean mu oibreachadh air astar agus rèiteachaidhean liubhairt ionadail.
- Teirmichean is cumhaichean: Chuir luchd-obrach an cèill an imcheist a bh’ orra mu bhuaidhean a dh’fhaodadh a bhith ann air cùmhnantan fastaidh, peinnseanan agus frèamaichean barganachaidh nàiseanta a’ gabhail a-steach nan adhbharan dorrain a th’ ann taobh a-staigh de rèiteachadh treas ìre chom-pàirteachas UHI.
Mar a Chithear Cruth-atharrachadh
UHI a’ coileanadh a’ mhisein aige: Bha barrachd is an dàrna leth den fheadhainn a thug freagairt air an t-suirbhidh ag aontachadh gu bheil UHI a’ coileanadh a’ mhisein aige a bhith a’ toirt ‘buaidh chruth-atharrachail air daoine, coimhearsnachdan agus eaconamaidh nan sgìrean aige’ agus a’ fighe a-steach nan ceithir prionnsabalan stèidheachaidh aige. Air a shon sin, bha còigeamh pàirt dhiubh ag easaontachadh (faicibh Ìomhaigh 1).
Mar fhreagairt air ceistean teacsa fosgailte air dè na leasachaidhean a bu chòir do chom-pàirteachas UHI dèanamh a choileanadh a’ mhisein aige is a sheasamh leis na prionnsabalan stèidheachaidh aige ann an dòigh nas fheàrr, bha iarrtasan a bhith ann an co-chòrdadh nas fheàrr ri feuman choimhearsnachdan agus gnìomhachais, a bhith a’ toirt seachad curaicealaman nas co-fhreagarraiche agus a bhith ag altram co-oibreachadh in-mheadhanach nas làidire.
Ìomhaigh 1: A bheil sibh ag aontachadh gu bheil com-pàirteachas UHI aig an àm seo a’ coileanadh a’ mhisein aige a bhith a’ toirt 'buaidh chruth-atharrachail air daoine, coimhearsnachdan agus eaconamaidh nan sgìrean aige' agus a’ fighe a-steach nan ceithir prionnsabalan stèidheachaidh aige? [Bunait: Luchd-obrach, An dà chuid oileanach is neach-obrach, Eile (407)]
Prionnsabalan riatanach airson cruth-atharrachadh: Fhuair an suirbhidh aonta làidir ris na prionnsabalan air fad a bha air an liostadh, gu sònraichte leasachadh a thoirt air na dh’fhiosraicheas oileanaich agus a bhith sgapte feadh diofar sgìrean fhathast. Fhuaras ìrean na b’ ìsle de thaic do chunntachalachd puing shingilte agus co-thaobhadh treas ìre iomlan (faicibh Ìomhaigh 2).
Ìomhaigh 2: A bheil sibh ag aontachadh gu bheil gach aon de na prionnsabalan seo airson cruth-atharrachadh a chomasachadh riatanach gus an coilean com-pàirteachas UHI am misean aige? [Bunait: Luchd-obrach, An dà chuid oileanach is neach-obrach, Eile (407)]
Rinn luchd-obrach, an fheadhainn a bha air an seòrsachadh mar an dà chuid oileanaich is luchd-obrach agus luchd-freagairt ‘eile’ molaidhean cuideachd airson phrionnsabalan a bharrachd. Nam measg seo bha co-oibreachadh nas làidire, com-pàirteachadh choimhearsnachdan, seasmhachd, oibreachadh seang agus branndadh aonaichte.
Suidheachadh airson fàs eaconamach sna sgìrean: Chaidh faighneachd den luchd-fhreagairt ‘eile’ an robh iad ag aontachadh gu bheil com-pàirteachas UHI ann an deagh shuidheachadh a dhèanamh cinnteach gun tèid coinneachadh ris na buannachdan eaconamach is sòisealta air feadh sgìrean na Gàidhealtachd is nan Eilean, Mhoireibh agus Shiorrachd Pheairt, leithid a bhith a’ coileanadh riatanasan an eadar-ghluasaid lùtha ath-nuadhachail.
Is e caochladh bheachdan a bh’ aca, is 36% ag aontachadh agus 32% ag easaontachadh thar cheann (faicibh Ìomhaigh 3).
Ìomhaigh 3: A bheil sibh ag aontachadh gu bheil com-pàirteachas UHI ann an deagh shuidheachadh a dhèanamh cinnteach gun tèid coinneachadh ris na buannachdan eaconamach is sòisealta air feadh sgìrean na Gàidhealtachd is nan Eilean, Mhoireibh agus Shiorrachd Pheairt, leithid a bhith a’ coileanadh riatanasan an eadar-ghluasaid lùtha ath-nuadhachail? [Bunait: Eile (52)]
Chaidh cothrom a thoirt an sin don luchd-fhreagairt eile a bhith a’ moladh dhòighean a b’ urrainn do chom-pàirteachas UHI an suidheachadh aige a neartachadh gus an coinnicheadh e nas fheàrr ri cothroman eaconamach mòra san sgìre, leithid an eadar-ghluasaid lùtha ath-nuadhachail. B’ e na beachdan a thug iad seachad gum bu chòir do UHI oibreachadh gus an dèan e cinnteach gum bi e a’ tairgsinn teisteanasan bointealach do dh’earrainnean, ro-innleachdan com-pàirteachaidh sgìreil a neartachadh agus ceanglaichean nas làidire a chruthachadh ri buidhnean coimhearsnachd ionadail.
Mar a Chithear Amalachadh
Prìomhachasan airson amalachadh: Dh’iarr an suirbhidh ìrean aontachaidh ri còig prìomhachasan do chom-pàirteachas UHI. Bha co-dhiù trì ceathramh den luchd-fhreagairt ag aontachadh ri gach prìomhachas, agus teagasg amalaichte agus sàr-mhathas obrachail a’ faotainn nan ìrean a b’ àirde de dh’aonta. B’ e seasmhachd àrainneachdail am prìomhachas a b’ ìsle (faicibh Ìomhaigh 4).
Ìomhaigh 4: A bheil sibh ag aontachadh gun iad seo na prìomhachasan as motha do chom-pàirteachas UHI agus e a’ gluasad a dh’ionnsaigh a bhith nas amalaichte? [Bunait: Luchd-obrach, An dà chuid oileanach is neach-obrach (353)]
Fhuair luchd-obrach UHI agus an fheadhainn a bha air an seòrsachadh mar an dà chuid luchd-obrach is oileanaich an cothrom a bhith a’ moladh phrìomhachasan a bharrachd. B’ e an comhairle UHI cothroman is cùrsaichean a sholar a fhreagras air feuman sgìrean ionadail, cho math ri cothroman do luchd-obrach a bhith a’ leasachadh is ag adhartachadh an cùrsaichean-obrach. Bhathas a’ mothachainn cuideachd gum bu chòir do UHI prìomhachas a dhèanamh de bhith a' leasachadh a’ chultair do luchd-obrach agus feuman oileanaich a chur aig fìor thoiseach an clàr-gnothaich.
Buannachdan amalachaidh Bha: a’ chuid a bu mhotha air fad de luchd-obrach UHI agus an fheadhainn a bha air an seòrsachadh mar an dà chuid oileanaich agus luchd-obrach den bheachd gum b’ e a bhith a’ cumail suas càileachd àrd anns na dh’fhiosraicheas oileanaich agus a bhith a’ solar fheuman choimhearsnachdan ionadail na buannachdan a bu chudromaiche a bha an lùib amalachaidh – bha 90% agus 80%, san òrdugh sin, gam meas seo a bhith fìor chudromach (faicibh Ìomhaigh 5).
Thug iad iomradh cuideachd air buannachdan a bharrachd a dh’fhaodadh a bhith an lùib com-pàirteachas nas amalaichte do luchd-obrach, a’ gabhail a-steach tèarainteachd is riarachadh nas fheàrr a thaobh chosnaidhean, guth is riochdachadh nas làidire do luchd-obrach, agus cothroman air co-oibreachadh.
Ìomhaigh 5: Mar bhall den luchd-obrach an com-pàirteachas UHI, dè cho cudromach is a tha sibh a’ meas nam buannachdan a leanas a thathar a’ tairgsinn do chom-pàirteachas nas amalaichte? [Bunait: Luchd-obrach, An dà chuid oileanach is neach-obrach (353)]
Chaidh faighneachd cuideachd den luchd-fhreagairt ‘eile’ dè cho cudromach is a tha iad a’ meas caochladh phrìomh bhuannachdan ann a bhith a’ cumadh na buaidhe a bheir com-pàirteachas UHI nas amalaichte air coimhearsnachdan. Bha iadsan den bheachd gum b’ e sgilean so-fhastachd na b’ fheàrr a’ bhuannachd a bu chudromaiche a thigeadh an lùib amalachaidh, air a leantainn le ath-thasgadh ann an cothroman ionadail. Ge-tà, bhathas a’ meas barrachd faicsinneachd do phrìomhachasan ionadail mar fhèin-aithne chultarach is cànaineach mar bhuannachd nach robh cho cudromach (faicibh Ìomhaigh 6).
Ìomhaigh 6: Dè cho cudromach is a tha na prìomh bhuannachdan a leanas ann a bhith a’ cumadh na buaidhe a bheir com-pàirteachas UHI nas amalaichte air coimhearsnachdan? [Bunait: Eile (52)]
Thug iad iomradh cuideachd air prìomh bhuannachdan a bharrachd ann a bhith a’ cumadh na buaidhe a bheir com-pàirteachas UHI nas amalaichte air coimhearsnachdan. Bha feadhainn a’ mothachainn gum faodadh e an co-cheangal ri luchd-ùidhe, com-pàirtichean ann an coimhearsnachdan agus coimhearsnachdan san fharsaingeachd a bhrosnachadh is a mheudachadh, agus feadhainn eile a’ faicinn chothroman air rannsachadh gnìomhaichte a bheireadh freagairt air feum choimhearsnachdan. Air an làimh eile, bha beagan luchd-freagairt a' mothachainn gu bheil na buannachdan seo ann cheana ann an cuid de na com-pàirtichean, rud a bha a’ togail cheistean mun luach a bharrachd a gheibhte tro amalachadh.
Dùbhlain amalachaidh: Tha cha mhòr trì ceathramh den luchd-obrach agus an feadhainn a tha an dà chuid nan oileanaich is nan luchd-obrach am fiughair ri mì-bhuannachdan no dùbhlain a thaobh com-pàirteachas nas amalaichte a dhèanamh (faicibh Ìomhaigh 7).
Ìomhaigh 7: A bheil sibh am fiughair ri mì-bhuannachdan no dùbhlain sam bith a thaobh com-pàirteachas nas amalaichte a dhèanamh? [Bunait: Luchd-obrach, An dà chuid oileanach is neach-obrach (360)]
Thugadh cuireadh don luchd-fhreagairt a thagh ‘tha’ tuillidh fiosrachaidh a thoirt air na mì-bhuannachdan no na dùbhlain ris an robh iad am fiughair o bhith nas amalaichte. Chuir iad an cèill an imcheist a bh’ orra mu chur às do dhreuchdan air tàilleabh dùblachaidh, fèin-aithne is fèin-riaghladh ionadail a bhith air an call, agus daoine a bhith a’ cur an aghaidh atharrachadh cultarach is structarail. Rudan eile a bha a’ cur imcheist orra, b’ e an cron a dh’fhaodadh a bhith air a dhèanamh air na dh’fhiosraicheas oileanaich le nas lugha de thaic ionadail agus barrachd liubhairt air-loidhne, agus teirmichean is cumhaichean diofraichte do luchd-obrach.
A' bhuaidh air coimhearsnachdan: Bha cha mhòr an dàrna leth den luchd-fhreagairt a’ mothachainn gum faodadh buaidh a bhith air a toirt air coimhearsnachdan no buidhnean sònraichte leis na pròiseasan atharrachaidh (faicibh Ìomhaigh 8). Bha an cuibhreann de dhaoine a bha a’ creidsinn seo caochlaideach a rèir na dreuchd a bh’ aca, agus oileanaich gun a bhith cho buailteach a bhith ag aontachadh gu bheil coimhearsnachdan no buidhnean ann a dh’fhaodadh buaidh a bhith orra (faicibh Ìomhaigh 9).
Ìomhaigh 8: A bheil sibh den bheachd gu bheil coimhearsnachdan no buidhnean sam bith ann (leithid choimhearsnachdan eileanach) a dh’fhaodadh buaidh a bhith air a toirt orra leis a’ phròiseas atharrachaidh? [Bunait: Uile (556)]
Ìomhaigh 9: A bheil sibh den bheachd gu bheil coimhearsnachdan no buidhnean sam bith ann (leithid choimhearsnachdan eileanach) a dh’fhaodadh buaidh a bhith air a toirt orra leis a’ phròiseas atharrachaidh? A rèir dreuchd [Bunait: Oileanaich (144), Luchd-obrach (335), An dà chuid oileanach is neach-obrach (25), Eile (52)]
Chaidh iarraidh orrasan a bha den bheachd gum faodadh buaidh a bhith air a toirt air coimhearsnachdan no buidhnean tuairisgeul a thoirt air an fheadhainn a tha iad a’ smaointeachadh a bheirear buaidh orra agus dè mar. Bha iomagain air luchd-freagairt gun toireadh am pròiseas atharrachaidh droch bhuaidhean air com-pàirtichean is coimhearsnachdan eileanach, gu sònraichte ma bhios meadhanachadh ann is ma ‘bheir’ e cothroman ionnsachaidh is trèanaidh o choimhearsnachdan eileanach. Bha iomagainean den aon seòrsa ann mun bhuaidh air com-pàirtichean dùthchail is iomallach, ged a bha feadhainn a’ faicinn gum faodadh barrachd taice a bhith ann do na sgìrean seo fo mhodail amalaichte. Chaidh iomradh a thoirt cuideachd air buaidhean a dh’fhaodadh a bhith ann a thaobh oileanaich (m.e. lùghdachadh ann an clàraidhean) agus luchd-obrach (m.e. lùghdachadh ann an àireamhan luchd-obrach).
Roghainnean Conaltraidh
Thug an luchd-freagairt iomradh air an dòigh a b’ fheàrr leotha fios is conaltradh fhaotainn mar a dh’atharraicheas com-pàirteachas UHI. B’ e naidheachdan tro post-d agus seiminearan-lìn a b’ fheàrr leotha thar cheann (80% is 45%, san òrdugh sin).
Ìomhaigh 10: Mar a dh’atharraicheas com-pàirteachas UHI, dè mar a b’ fheàrr leibh fios is conaltradh fhaotainn? (cuiribh cromag ris a h-uile gin a bhios iomchaidh) [Bunait: Uile (551)]
A thaobh nan roghainnean a rèir dreuchd, b’ fheàrr leis an luchd-obrach gu mòr naidheachdan tro phost-d, coinneamhan air-loidhne/seiminearan-lìn agus an làrach SharePoint. B’ fheàrr leis an fheadhainn a bha air an seòrsachadh mar an dà chuid luchd-obrach is oileanaich naidheachdan tro phost-d, is b’ fheàrr le oileanaich agus luchd-freagairt ‘eile’ naidheachdan sna meadhanan sòisealta (faicibh Ìomhaigh 11).
Ìomhaigh 11: Mar a dh’atharraicheas com-pàirteachas UHI, dè mar a b’ fheàrr leibh fios is conaltradh fhaotainn? (cuiribh cromag ris a h-uile gin a bhios iomchaidh) – A rèir dreuchd [Bunait: Luchd-obrach (330), Oileanaich (144), An dà chuid oileanach is neach-obrach (25), Eile (52)]
Na Dh’fhiosraicheas Oileanaich agus an Curaicealam
Na Dh’fhiosraicheas Oileanaich: Chaidh faighneachd de dh’oileanaich – a’ gabhail a-steach na feadhna a tha an dà chuid nan oileanaich is nan luchd-obrach – dè cho cudromach is a tha caochladh chùisean a thaobh na dh’fhiosraicheas iad mar oileanach a tha clàraichte ann am fear de chom-pàirtichean acadaimigeach UHI (faicibh Ìomhaigh 12). Bha barrachd tasgaidh ann an goireasan teagaisg is rannsachaidh agus càileachd air a mheas a bhith air an rud a bu chudromaiche, is gun ach beagan luchd-freagairt a’ faicinn barrachd chothroman a bhith ag ionnsachadh no a’ bruidhinn Gàidhlig mar rud fìor chudromach.
Ìomhaigh 12: Dè cho cudromach is a tha na leanas a thaobh na dh’fhiosraicheas sibh mar oileanach clàraichte ann am fear de chom-pàirtichean acadaimigeach UHI? [Bunait: Oileanaich (144), An dà chuid oileanach is neach-obrach (25)]
Mar fhreagairt air ceist teacsa fosgailte a’ faighneachd dè a ghabhadh leasachadh a thaobh na dh’fhiosraicheas iad gu h-acadaimigeach no mar oileanaich, dh’iarr mòran oileanaich barrachd chlasaichean is gnìomhachdan sòisealta air an àrainn. Bhathas gam faicinn seo sònraichte cudromach do dh’oileanaich ag ionnsachadh air cùrsaichean a tha air-loidhne air fad. Thog iad cuideachd feum air cothrom nas fheàrr a bhith a’ dol a dh’ionnsaigh òraidichean is luchd-teagaisg eile agus iùl nas soilleire a bhith air a thoirt seachad mu shusbaint chùrsaichean agus measaidhean.
Curaicealam is Sgilean: Bha trian (33%) den luchd-fhreagairt ‘eile’ buailteach a bhith ag aontachadh gun robh curaicealam làithreach UHI a rèir fheuman feachd-obrach ionadail agus a’ solar foghlam is trèanadh freagarrach airson chothroman cosnaidh sgìreil an-diugh agus san àm ri teachd; bha 10% ag aontachadh gu mòr. Air a shon sin, bha cuibhreann nach bu bheag a’ cur teagamhan an cèill, agus 38% ag easaontachadh thar cheann (faicibh Ìomhaigh 13).
Ìomhaigh 13: A bheil sibh ag aontachadh gu bheil curaicealam làithreach UHI a rèir fheuman feachd-obrach ionadail agus a’ solar foghlam is trèanadh freagarrach airson chothroman cosnaidh sgìreil an-diugh agus san àm ri teachd? [Bunait: Eile (52)]
Chaidh iarraidh air luchd-freagairt sa chatagaraidh ‘eile’ am beachdan a phàirteachadh air mar a dh’fhaodadh com-pàirteachas UHI dèanamh nas fheàrr ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil an curaicealam aige a rèir chothroman cosnaidh sgìreil san àm ri teachd. Am measg mholaidhean eile, chomhairlich iad UHI a bhith a’ conaltradh ri luchd-fastaidh is gnothachasan ionadail, a bhith ag ath-sgrùdadh nan cùrsaichean is na susbaint aige gu cunbhalach, agus a’ trusadh dàta air cothroman cosnaidh ri teachd agus feuman earrainnean.
Co-dhùnaidhean is Molaidhean
Tha am mion-sgrùdadh air a’ chonaltradh a’ leigeil ris caochladh sheallaidhean a tha fillte agus corra uair a’ dol an aghaidh a chèile. Tha taic ann san fharsaingeachd do mhisean UHI agus mòran de phrionnsabalan a’ chruth-atharrachaidh, ach tha iomagainean cudromach ann fhathast mu thrìd-shoilleireachd, cothromachd, agus freagairteachd ionadail.
Tha an aithisg seo a’ toirt bunait fiosrachaidh uile-chudromach airson buaidh a thoirt air an ath cheum sa phròiseas cruth-atharrachaidh agus a dhèanamh cinnteach gum bi atharrachaidhean a rèir luachan, fheuman, agus àrd-amasan choimhearsnachd eadar-mheasgte UHI.
An àm a bhith a’ dealbhadh na Cùise Gnothachais Iomlain, tha e do-sheachanta:
- Luchd-obrach is luchd-ùidhe a bhith a’ gabhail pàirt ghnìomhach ann a bhith a’ cumadh nan tairgsean,
- A’ bhuaidh air fèin-aithne is coimhearsnachdan ionadail a bhith air a cothromachdh gu faicilleach le amalachadh ro-innleachdail,
- Prìomhachas a bhith air a thoirt do leasachadh dreuchdail agus cumhaichean obrach cothromach,
- Conaltradh a bhith trìd-shoilleir, cunbhalach, agus air a fhreagarrachadh a rèir fheuman eugsamhail luchd-ùidhe.
Stèidhichte air a’ mhion-sgrùdadh a rinn sinn, is e na molaidhean againn airson conaltradh is mion-sgrùdadh a dh’ionnsaigh na Cùise Gnothachais Iomlain UHI a chumail air a’ dèanamh mar a leanas:
- A bhith cinnteach gum bi soilleireachd ann a thaobh bhriathran cudromach a bhoineas ri planadh gnothachais agus stiùireadh atharrachaidh
- A bhith a’ piseachadh an òrduigh anns an cuirear a-mach na stuthan a bheirear seachad agus anns an iarrar beachdan an uair sin
- Suirbhidhean ri teachd a dhealbhadh gus am bi earrainnean le slighean treòraichte annta
- Stòrasan gu leòr a sholar airson seiseanan conaltraidh mar phàirt de mhodh-obrach ioma-sheanaileach.