Ceangal

Cùl-fhiosrachadh

Eadar an Giblean agus an Cèitean 2025, chuir UHI iomairt fhoirmeil conaltraidh air dòigh le oileanaich, luchd-obrach agus prìomh luchd-ùidhe eile gus fios-air-ais a chruinneachadh air na molaidhean tràtha againn airson com-pàirteachas nas aonaichte. Chruthaich am pròiseas seo meud mòr de dhàta càileachdail is cainneachdail, a’ gabhail a-steach faisg air 1,500 freagairt stèidhichte air teacsa. Leig na beachdan sin le mion-sgrùdadh làidir is coileanta a bhith ann, a chuidich le bhith a’ leasachadh modail obrachaidh ùr.

Tha geàrr-iomradh den mhion-sgrùdadh sin air an duilleig seo. Chaidh an aithisg shlàn agus a geàrr-iomradh a thoirt gu buil leis a’ Chom-pàirteachas Diffley, a stiùir an sgrùdadh neo-eisimeileach air prògram conaltraidh Cruth-atharrachaidh UHI.

Faodaidh tu an geàrr-iomradh a leughadh air an duilleig-lìn seo, no geàrr-iomradh a’ chonaltraidh a luchdachadh sìos mar pdf. Tha an aithisg shlàn ri faighinn airson a luchdachadh sìos cuideachd.

Adhbhar an Rannsachaidh

Chaidh conaltradh a dhèanamh le Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) mar phàirt de dhealbhadh a’ phrògraim Cruth-atharrachaidh aige. Is e amas a’ chruth-atharrachaidh seo stèidheachd foghlam treas ìre nas amalaichte, nas èifeachdaiche agus nas seasmhaiche a bhunachadh a fhrithealas air a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan, Moireibh is Siorrachd Pheairt.

B’ e amas a’ chonaltraidh aig UHI beachdan luchd-ùidhe a thrusadh air na tairgsean tràthail, a bhith a’ tuigsinn mar a bhathas a’ faicinn amalachadh is cruth-atharrachadh agus buaidh a thoirt air an ath ìre den obair a dh’ionnsaigh Cùis Gnothachais Iomlan (CGI).

Modh-obrach

Dhealbh UHI prògram conaltraidh le dòighean-obrach measgaichte a bha a’ toirt còmhla:

  • Suirbhidh air-loidhne (551 de fhreagairtean dligheach),
  • Buidhnean fòcais (luchd-obrach, oileanaich, gnàthaichearan),
  • Coinneamhan air-loidhne agus aghaidh ri aghaidh (20–30 de thachartasan),
  • Conaltradh neo-fhoirmeil (m.e., tro chomann nan oileanach, meadhanan sòisealta).

Eadar an 11 chom-pàirtiche aig UHI that 2,500 ball den luchd-obrach, 36,000 oileanach agus mu 50 ionad-ionnsachaidh. Anns na sgìrean air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean, Mhoireibh agus Shiorrachd Pheairt tha seachd ùghdarrasan ionadail agus naoi bùird slàinte, a’ toirt a-steach dà thrian na h-Alba.

Clàr 1: Profaidhl an t-sampaill

Seòrsa/àite freagairtiche Àireamh de luchd-freagairt Àireamh sa cheud de luchd-freagairt iomlan
Àireamh iomlan 551 100
Dàimh ri com-pàirteachas UHI
Oileanach 144 26
Neach-obrach 325 60
An dà chuid oileanach is neach-obrach 25 5
Eile 52 9
Com-pàirtiche UHI
UHI Earra-Ghàidheal 50 9
UHI Inbhir Nis 109 20
UHI Moireibh 45 8
UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall 101 18
UHI Arcaibh 43 8
UHI Peairt 90 16
UHI Sealtainn 36 7
Colaiste Diadhachd na Gàidhealtachd (HTC) 3 1
Sabhal Mòr Ostaig 5 1
Comann Saidheans Mara na h-Alba (SAMS) 7 1
Air an clàradh gu dìreach le Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) – a’ gabhail a-steach an Ionaid Eachdraidh agus an Ionaid airson Saidheansan Slàinte Dhùthchail 6 1
Oifis Stiùiridh UHI 87 16
Gun a bhith cinnteach/Mì-chinnteach 5 1

Am measg na feadhna a ghabh pàirt san t-suirbhidh bha luchd-obrach, oileanaich, feadhainn a bha an dà chuid nan oileanaich agus nan luchd-obrach, agus luchd-ùidhe eile, is riochdachadh ann o chom-pàirtichean UHI air fad; tha profaidhl an t-sampaill air a chur a-steach an Clàr 1.

Chaidh an Diffley Partnership a choimiseanadh a dhèanamh mion-sgrùdadh air freagairtean air an t-suirbhidh agus nòtaichean le UHI o sheiseanan conaltraidh ri luchd-obrach.

Chaidh mion-sgrùdadh uimhireil a dhèanamh airson freagairtean druidte an t-suirbhidh. Bha am mion-sgrùdadh càileachdail a’ gabhail a-steach còdadh cuspaireil air na beachdan a fhuaras o sheiseanan le luchd-obrach agus mion-sgrùdadh cuspaireil a dhèanamh air toraidhean an t-suirbhidh.

Ged a tha na toraidhean diongalta, tha nàdar fosgailte an t-suirbhidh a’ fàgail gun e sampall neo-chosalachd a th’ ann agus nach gabh e coitcheannachadh ri sluagh iomlan UHI.

Seiseanan Conaltraidh ri Luchd-obrach

Sholair Diffley Partnership mion-sgrùdadh air na prìomh cheistean a thogadh ann an coinneamhan conaltraidh ri luchd-obrach a bha air an cumail le Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI).

Am measg nam prìomh chuspairean o na seiseanan seo bha na leanas:

  • Mì-chinnt mu cho-aonaidhean: Thog luchd-obrach iomagainean mu phrionnsabalan stiùireach airson co-aonaidhean, cothromachd a thaobh fastaidh, agus leasanan a chaidh ionnsachadh o cho-aonaidhean a bh’ ann cheana, gu sònraichte UHI TIIG.
  • Cion trìd-shoilleireachd is follaiseachd: Bha mòran aig nach robh tuigse shoilleir air an t-susbaint, an ùghdarrachd, agus na pròiseasan co-dhùnaidh a thaobh na Cùise Gnothachais Iomlain (CGI).
  • Diofar bheachdan air roghainnean cruth-atharrachaidh: Chaidh soilleireachadh iarraidh a thaobh mhodailean sònraichte (Roghainnean 3, 4, 5, is 6), agus cuid a’ taobhadh ri modh uidh air n-uidh no co-mheasgaichte.
  • Iomagainean a thaobh cumhachd co-dhùnaidh: Bha e na cheist aig an luchd-obrach an toireadh com-pàirtichean nach robh sa chruth-atharrachadh buaidh air co-dhùnaidhean aig am biodh èifeachd air an lìonra air fad.
  • Leasachadh dreuchdail agus cothromachd: Bhathas gu dian ag iarraidh tuarastal is slighean àrdachaidh bun-tomhasaichte, agus taic nas fheàrr airson fàs proifeiseanta.
  • Tèarainteachd chosnaidhean agus atharrachaidhean ann an dreuchdan: Bha e gu mòr am follais gun robh cur às do dh’obraichean is co-dhlùthachadh dhreuchdan a’ cur eagal air daoine, cho math ri ceistean mu oibreachadh air astar agus rèiteachaidhean liubhairt ionadail.
  • Teirmichean is cumhaichean: Chuir luchd-obrach an cèill an imcheist a bh’ orra mu bhuaidhean a dh’fhaodadh a bhith ann air cùmhnantan fastaidh, peinnseanan agus frèamaichean barganachaidh nàiseanta a’ gabhail a-steach nan adhbharan dorrain a th’ ann taobh a-staigh de rèiteachadh treas ìre chom-pàirteachas UHI.

Mar a Chithear Cruth-atharrachadh

UHI a’ coileanadh a’ mhisein aige: Bha barrachd is an dàrna leth den fheadhainn a thug freagairt air an t-suirbhidh ag aontachadh gu bheil UHI a’ coileanadh a’ mhisein aige a bhith a’ toirt ‘buaidh chruth-atharrachail air daoine, coimhearsnachdan agus eaconamaidh nan sgìrean aige’ agus a’ fighe a-steach nan ceithir prionnsabalan stèidheachaidh aige. Air a shon sin, bha còigeamh pàirt dhiubh ag easaontachadh (faicibh Ìomhaigh 1).

Mar fhreagairt air ceistean teacsa fosgailte air dè na leasachaidhean a bu chòir do chom-pàirteachas UHI dèanamh a choileanadh a’ mhisein aige is a sheasamh leis na prionnsabalan stèidheachaidh aige ann an dòigh nas fheàrr, bha iarrtasan a bhith ann an co-chòrdadh nas fheàrr ri feuman choimhearsnachdan agus gnìomhachais, a bhith a’ toirt seachad curaicealaman nas co-fhreagarraiche agus a bhith ag altram co-oibreachadh in-mheadhanach nas làidire.

Ìomhaigh 1: A bheil sibh ag aontachadh gu bheil com-pàirteachas UHI aig an àm seo a’ coileanadh a’ mhisein aige a bhith a’ toirt 'buaidh chruth-atharrachail air daoine, coimhearsnachdan agus eaconamaidh nan sgìrean aige' agus a’ fighe a-steach nan ceithir prionnsabalan stèidheachaidh aige? [Bunait: Luchd-obrach, An dà chuid oileanach is neach-obrach, Eile (407)]

Freagairt Àireamh sa cheud de luchd-freagairt iomlan
Ag aontachadh gu mòr 13%
Buailteach a bhith ag aontachadh 45%
Gun a bhith ag aontachadh no ag easaontachadh 20%
Buailteach a bhith ag easaontachadh 16%
Ag easaontachadh gu mòr 7%
Bar chart showing how many people agree or disagree that the UHI partnership is delivering on its mission

Prionnsabalan riatanach airson cruth-atharrachadh: Fhuair an suirbhidh aonta làidir ris na prionnsabalan air fad a bha air an liostadh, gu sònraichte leasachadh a thoirt air na dh’fhiosraicheas oileanaich agus a bhith sgapte feadh diofar sgìrean fhathast. Fhuaras ìrean na b’ ìsle de thaic do chunntachalachd puing shingilte agus co-thaobhadh treas ìre iomlan (faicibh Ìomhaigh 2).

Ìomhaigh 2: A bheil sibh ag aontachadh gu bheil gach aon de na prionnsabalan seo airson cruth-atharrachadh a chomasachadh riatanach gus an coilean com-pàirteachas UHI am misean aige? [Bunait: Luchd-obrach, An dà chuid oileanach is neach-obrach, Eile (407)]

Prionnsabal Ag aontachadh gu mòr Buailteach a bhith ag aontachadh Gun a bhith ag aontachadh no ag easaontachadh Buailteach a bhith ag easaontachadh Ag easaontachadh gu mòr
Leasachadh a thoirt air na dh’fhiosraicheas oileanaich 72% 18% 6% 2% 2%
Leasachadh a thoirt air a’ chomas a th’ againn a bhith a’ liubhairt ionnsachadh, teagasg is rannsachadh 70% 20% 6% 2% 1%
A bhith sgapte feadh diofar sgìrean fhathast, a’ liubhairt fheuman foghlaim nan coimhearsnachdan againn 70% 20% 8% 2% 1%
Dèanamh cinnteach gum bi modh-obrach fo stiùir ionadail ann agus gun tèid comas a thoirt do choimhearsnachdan 67% 18% 9% 3% 2%
Barrachd chothroman a sholar do luchd-obrach 59% 25% 11% 3% 2%
Pròiseasan co-dhùnaidh a neartachadh tro chunntachalachd puing shingilte 39% 28% 20% 7% 6%
Dol nar buidheann buileach treas ìre anns a h-uile rud a nì sinn 35% 23% 25% 9% 8%
Bar chart showing responses to whether seven principles are necessary for the UHI partnership to achieve its mission

Rinn luchd-obrach, an fheadhainn a bha air an seòrsachadh mar an dà chuid oileanaich is luchd-obrach agus luchd-freagairt ‘eile’ molaidhean cuideachd airson phrionnsabalan a bharrachd. Nam measg seo bha co-oibreachadh nas làidire, com-pàirteachadh choimhearsnachdan, seasmhachd, oibreachadh seang agus branndadh aonaichte.

Suidheachadh airson fàs eaconamach sna sgìrean: Chaidh faighneachd den luchd-fhreagairt ‘eile’ an robh iad ag aontachadh gu bheil com-pàirteachas UHI ann an deagh shuidheachadh a dhèanamh cinnteach gun tèid coinneachadh ris na buannachdan eaconamach is sòisealta air feadh sgìrean na Gàidhealtachd is nan Eilean, Mhoireibh agus Shiorrachd Pheairt, leithid a bhith a’ coileanadh riatanasan an eadar-ghluasaid lùtha ath-nuadhachail.

Is e caochladh bheachdan a bh’ aca, is 36% ag aontachadh agus 32% ag easaontachadh thar cheann (faicibh Ìomhaigh 3).

Ìomhaigh 3: A bheil sibh ag aontachadh gu bheil com-pàirteachas UHI ann an deagh shuidheachadh a dhèanamh cinnteach gun tèid coinneachadh ris na buannachdan eaconamach is sòisealta air feadh sgìrean na Gàidhealtachd is nan Eilean, Mhoireibh agus Shiorrachd Pheairt, leithid a bhith a’ coileanadh riatanasan an eadar-ghluasaid lùtha ath-nuadhachail? [Bunait: Eile (52)]

Freagairt Àireamh sa cheud de luchd-freagairt iomlan
Ag aontachadh gu mòr 15%
Buailteach a bhith ag aontachadh 21%
Gun a bhith ag aontachadh no ag easaontachadh 31%
Buailteach a bhith ag easaontachadh 17%
Ag easaontachadh gu mòr 15%
Chart showing whether respondents agree or not that the UHI Partnership is well-positioned to ensure economic and social benefits across the region are met

Chaidh cothrom a thoirt an sin don luchd-fhreagairt eile a bhith a’ moladh dhòighean a b’ urrainn do chom-pàirteachas UHI an suidheachadh aige a neartachadh gus an coinnicheadh e nas fheàrr ri cothroman eaconamach mòra san sgìre, leithid an eadar-ghluasaid lùtha ath-nuadhachail. B’ e na beachdan a thug iad seachad gum bu chòir do UHI oibreachadh gus an dèan e cinnteach gum bi e a’ tairgsinn teisteanasan bointealach do dh’earrainnean, ro-innleachdan com-pàirteachaidh sgìreil a neartachadh agus ceanglaichean nas làidire a chruthachadh ri buidhnean coimhearsnachd ionadail.

Mar a Chithear Amalachadh

Prìomhachasan airson amalachadh: Dh’iarr an suirbhidh ìrean aontachaidh ri còig prìomhachasan do chom-pàirteachas UHI. Bha co-dhiù trì ceathramh den luchd-fhreagairt ag aontachadh ri gach prìomhachas, agus teagasg amalaichte agus sàr-mhathas obrachail a’ faotainn nan ìrean a b’ àirde de dh’aonta. B’ e seasmhachd àrainneachdail am prìomhachas a b’ ìsle (faicibh Ìomhaigh 4).

Ìomhaigh 4: A bheil sibh ag aontachadh gun iad seo na prìomhachasan as motha do chom-pàirteachas UHI agus e a’ gluasad a dh’ionnsaigh a bhith nas amalaichte? [Bunait: Luchd-obrach, An dà chuid oileanach is neach-obrach (353)]

Prìomhachas Ag aontachadh gu mòr Buailteach a bhith ag aontachadh Gun a bhith ag aontachadh no ag easaontachadh Buailteach a bhith ag easaontachadh Ag easaontachadh gu mòr
Teagasg, ionnsachadh agus taic gus an toirear seachad curaicealam co-cheangailte de chàileachd àrd 78% 16% 5% 1% 1%
Sàr-mhathas obrachail mar bhuidheann làn amalaichte, sheasmhach le a h-aire air daoine 61% 21% 10% 4% 4%
Iomairt is fàs, a’ cuideachadh gus am bi sinn nar stèidheachd sheasmhach a thaobh ionmhais 60% 29% 6% 3% 3%
Buaidh an rannsachaidh is an ùr-ghnàthachaidh againn a leasachadh 49% 34% 12% 3% 1%
Seasmhachd àrainneachdail 45% 34% 18% 1% 1%
Chart showing responses to whether respondents agree or not with the five priorities for the UHI Partnership

Fhuair luchd-obrach UHI agus an fheadhainn a bha air an seòrsachadh mar an dà chuid luchd-obrach is oileanaich an cothrom a bhith a’ moladh phrìomhachasan a bharrachd. B’ e an comhairle UHI cothroman is cùrsaichean a sholar a fhreagras air feuman sgìrean ionadail, cho math ri cothroman do luchd-obrach a bhith a’ leasachadh is ag adhartachadh an cùrsaichean-obrach. Bhathas a’ mothachainn cuideachd gum bu chòir do UHI prìomhachas a dhèanamh de bhith a' leasachadh a’ chultair do luchd-obrach agus feuman oileanaich a chur aig fìor thoiseach an clàr-gnothaich.

Buannachdan amalachaidh Bha: a’ chuid a bu mhotha air fad de luchd-obrach UHI agus an fheadhainn a bha air an seòrsachadh mar an dà chuid oileanaich agus luchd-obrach den bheachd gum b’ e a bhith a’ cumail suas càileachd àrd anns na dh’fhiosraicheas oileanaich agus a bhith a’ solar fheuman choimhearsnachdan ionadail na buannachdan a bu chudromaiche a bha an lùib amalachaidh – bha 90% agus 80%, san òrdugh sin, gam meas seo a bhith fìor chudromach (faicibh Ìomhaigh 5).

Thug iad iomradh cuideachd air buannachdan a bharrachd a dh’fhaodadh a bhith an lùib com-pàirteachas nas amalaichte do luchd-obrach, a’ gabhail a-steach tèarainteachd is riarachadh nas fheàrr a thaobh chosnaidhean, guth is riochdachadh nas làidire do luchd-obrach, agus cothroman air co-oibreachadh.

Ìomhaigh 5: Mar bhall den luchd-obrach an com-pàirteachas UHI, dè cho cudromach is a tha sibh a’ meas nam buannachdan a leanas a thathar a’ tairgsinn do chom-pàirteachas nas amalaichte? [Bunait: Luchd-obrach, An dà chuid oileanach is neach-obrach (353)]

Sochair Fìor chudromach Cudromach gu ìre Gun a bhith uabhasach cudromach Gun a bhith cudromach idir
Càileachd àrd a chumail suas anns na dh’fhiosraicheas oileanaich 90% 8% 1% 1%
Dèanamh cinnteach gum bi feuman choimhearsnachdan ionadail air an solar 80% 17% 2% 1%
A bhith ag altram cultar nas fhàbharaiche 78% 20% 1% 1%
Riarachadh agus aithneachadh nas fheàrr a thaobh chosnaidhean 75% 23% 1% 1%
Cothroman air fàs agus leasachadh proifeiseanta 70% 25% 3% 1%
Co-sheasmhachd anns na dh’fhiosraicheas luchd-obrach 68% 25% 5% 2%
Èifeachdas is seasmhachd a neartachadh le bhith a’ co-dhlùthachadh stòrasan is a’ lùghdachadh dùblachadh 58% 32% 7% 4%
Chart showing how important UHI staff consider proposed benefits for a more integrated partnership

Chaidh faighneachd cuideachd den luchd-fhreagairt ‘eile’ dè cho cudromach is a tha iad a’ meas caochladh phrìomh bhuannachdan ann a bhith a’ cumadh na buaidhe a bheir com-pàirteachas UHI nas amalaichte air coimhearsnachdan. Bha iadsan den bheachd gum b’ e sgilean so-fhastachd na b’ fheàrr a’ bhuannachd a bu chudromaiche a thigeadh an lùib amalachaidh, air a leantainn le ath-thasgadh ann an cothroman ionadail. Ge-tà, bhathas a’ meas barrachd faicsinneachd do phrìomhachasan ionadail mar fhèin-aithne chultarach is cànaineach mar bhuannachd nach robh cho cudromach (faicibh Ìomhaigh 6).

Ìomhaigh 6: Dè cho cudromach is a tha na prìomh bhuannachdan a leanas ann a bhith a’ cumadh na buaidhe a bheir com-pàirteachas UHI nas amalaichte air coimhearsnachdan? [Bunait: Eile (52)]

Sochair Fìor chudromach Cudromach gu ìre Gun a bhith uabhasach cudromach Gun a bhith cudromach idir
Sgilean so-fhastachd nas fheàrr 86% 14% 0% 0%
Ath-thasgadh ann an cothroman ionadail (mar eisimpleir, leasachadh sgilean, gnìomhachdan malairteach) 75% 21% 2% 2%
Freagairteach air feuman ionadail le puing co-thadhail shingilte airson conaltradh is com-pàirteachadh nas fheàrr 73% 19% 8% 0%
Curaicealam bointealach air a dhealbhadh gu sònraichte a rèir chothroman cosnaidh ionadail is sgìreil 65% 29% 6% 0%
A bhith a’ tomhas is a’ sanasachadh na buaidhe sho-bheanailtich a bheir UHI air leasachadh eaconamach air feadh nan sgìrean 63% 31% 6% 0%
Barrachd faicsinneachd do phrìomhachasan ionadail mar fhèin-aithne chultarach is cànaineach 44% 27% 25% 4%
Bar chart showing how important respondents think key benefits in shaping the impact of a more integrated UHI Partnership are

Thug iad iomradh cuideachd air prìomh bhuannachdan a bharrachd ann a bhith a’ cumadh na buaidhe a bheir com-pàirteachas UHI nas amalaichte air coimhearsnachdan. Bha feadhainn a’ mothachainn gum faodadh e an co-cheangal ri luchd-ùidhe, com-pàirtichean ann an coimhearsnachdan agus coimhearsnachdan san fharsaingeachd a bhrosnachadh is a mheudachadh, agus feadhainn eile a’ faicinn chothroman air rannsachadh gnìomhaichte a bheireadh freagairt air feum choimhearsnachdan. Air an làimh eile, bha beagan luchd-freagairt a' mothachainn gu bheil na buannachdan seo ann cheana ann an cuid de na com-pàirtichean, rud a bha a’ togail cheistean mun luach a bharrachd a gheibhte tro amalachadh.

Dùbhlain amalachaidh: Tha cha mhòr trì ceathramh den luchd-obrach agus an feadhainn a tha an dà chuid nan oileanaich is nan luchd-obrach am fiughair ri mì-bhuannachdan no dùbhlain a thaobh com-pàirteachas nas amalaichte a dhèanamh (faicibh Ìomhaigh 7).

Ìomhaigh 7: A bheil sibh am fiughair ri mì-bhuannachdan no dùbhlain sam bith a thaobh com-pàirteachas nas amalaichte a dhèanamh? [Bunait: Luchd-obrach, An dà chuid oileanach is neach-obrach (360)]

Freagairt Àireamh sa cheud de luchd-freagairt iomlan
Tha 72%
Chan eil 10%
Gun a bhith cinnteach 18%
Pie chart showing whether respondents foresee any disadvantages or challenges with becoming more integrated as a partnership

Thugadh cuireadh don luchd-fhreagairt a thagh ‘tha’ tuillidh fiosrachaidh a thoirt air na mì-bhuannachdan no na dùbhlain ris an robh iad am fiughair o bhith nas amalaichte. Chuir iad an cèill an imcheist a bh’ orra mu chur às do dhreuchdan air tàilleabh dùblachaidh, fèin-aithne is fèin-riaghladh ionadail a bhith air an call, agus daoine a bhith a’ cur an aghaidh atharrachadh cultarach is structarail. Rudan eile a bha a’ cur imcheist orra, b’ e an cron a dh’fhaodadh a bhith air a dhèanamh air na dh’fhiosraicheas oileanaich le nas lugha de thaic ionadail agus barrachd liubhairt air-loidhne, agus teirmichean is cumhaichean diofraichte do luchd-obrach.

A' bhuaidh air coimhearsnachdan: Bha cha mhòr an dàrna leth den luchd-fhreagairt a’ mothachainn gum faodadh buaidh a bhith air a toirt air coimhearsnachdan no buidhnean sònraichte leis na pròiseasan atharrachaidh (faicibh Ìomhaigh 8). Bha an cuibhreann de dhaoine a bha a’ creidsinn seo caochlaideach a rèir na dreuchd a bh’ aca, agus oileanaich gun a bhith cho buailteach a bhith ag aontachadh gu bheil coimhearsnachdan no buidhnean ann a dh’fhaodadh buaidh a bhith orra (faicibh Ìomhaigh 9).

Ìomhaigh 8: A bheil sibh den bheachd gu bheil coimhearsnachdan no buidhnean sam bith ann (leithid choimhearsnachdan eileanach) a dh’fhaodadh buaidh a bhith air a toirt orra leis a’ phròiseas atharrachaidh? [Bunait: Uile (556)]

Freagairt Àireamh sa cheud de luchd-freagairt iomlan
Tha 47%
Chan eil 9%
Gun a bhith cinnteach 45%
Bar chart showing is respondents think there are any communities or groups that could be impacted by the change process

Ìomhaigh 9: A bheil sibh den bheachd gu bheil coimhearsnachdan no buidhnean sam bith ann (leithid choimhearsnachdan eileanach) a dh’fhaodadh buaidh a bhith air a toirt orra leis a’ phròiseas atharrachaidh? A rèir dreuchd [Bunait: Oileanaich (144), Luchd-obrach (335), An dà chuid oileanach is neach-obrach (25), Eile (52)]

Coimhearsnachd no buidheann Tha Chan eil Gun a bhith cinnteach
Eile 63% 10% 27%
An dà chuid oileanach is neach-obrach 60% 0% 40%
Luchd-obrach 56% 8% 36%
Oileanaich 18% 10% 72%
A chart showing whether respondents think there are specific communities or groups could be impacted by the change process

Chaidh iarraidh orrasan a bha den bheachd gum faodadh buaidh a bhith air a toirt air coimhearsnachdan no buidhnean tuairisgeul a thoirt air an fheadhainn a tha iad a’ smaointeachadh a bheirear buaidh orra agus dè mar. Bha iomagain air luchd-freagairt gun toireadh am pròiseas atharrachaidh droch bhuaidhean air com-pàirtichean is coimhearsnachdan eileanach, gu sònraichte ma bhios meadhanachadh ann is ma ‘bheir’ e cothroman ionnsachaidh is trèanaidh o choimhearsnachdan eileanach. Bha iomagainean den aon seòrsa ann mun bhuaidh air com-pàirtichean dùthchail is iomallach, ged a bha feadhainn a’ faicinn gum faodadh barrachd taice a bhith ann do na sgìrean seo fo mhodail amalaichte. Chaidh iomradh a thoirt cuideachd air buaidhean a dh’fhaodadh a bhith ann a thaobh oileanaich (m.e. lùghdachadh ann an clàraidhean) agus luchd-obrach (m.e. lùghdachadh ann an àireamhan luchd-obrach).

Roghainnean Conaltraidh

Thug an luchd-freagairt iomradh air an dòigh a b’ fheàrr leotha fios is conaltradh fhaotainn mar a dh’atharraicheas com-pàirteachas UHI. B’ e naidheachdan tro post-d agus seiminearan-lìn a b’ fheàrr leotha thar cheann (80% is 45%, san òrdugh sin).

Ìomhaigh 10: Mar a dh’atharraicheas com-pàirteachas UHI, dè mar a b’ fheàrr leibh fios is conaltradh fhaotainn? (cuiribh cromag ris a h-uile gin a bhios iomchaidh) [Bunait: Uile (551)]

Seòrsa conaltraidh Àireamh sa cheud de luchd-freagairt iomlan
Naidheachdan tro phost-d 80%
Coinneamhan air-loidhne/seiminearan-lìn 45%
Làrach Sharepoint Chruth-atharrachadh UHI 35%
Naidheachdan air an làraich-lìn 26%
Tachartasan bualaidh a-steach 21%
Naidheachdan sna meadhanan sòisealta 21%
Eile (thoiribh fios dhuinn gu h-ìseal) 4%
Chart showing how respondents would prefer to be kept informed of partnership changes

A thaobh nan roghainnean a rèir dreuchd, b’ fheàrr leis an luchd-obrach gu mòr naidheachdan tro phost-d, coinneamhan air-loidhne/seiminearan-lìn agus an làrach SharePoint. B’ fheàrr leis an fheadhainn a bha air an seòrsachadh mar an dà chuid luchd-obrach is oileanaich naidheachdan tro phost-d, is b’ fheàrr le oileanaich agus luchd-freagairt ‘eile’ naidheachdan sna meadhanan sòisealta (faicibh Ìomhaigh 11).

Ìomhaigh 11: Mar a dh’atharraicheas com-pàirteachas UHI, dè mar a b’ fheàrr leibh fios is conaltradh fhaotainn? (cuiribh cromag ris a h-uile gin a bhios iomchaidh) – A rèir dreuchd [Bunait: Luchd-obrach (330), Oileanaich (144), An dà chuid oileanach is neach-obrach (25), Eile (52)]

Seòrsa conaltraidh Luchd-obrach An dà chuid oileanach is neach-obrach Oileanaich Eile
Naidheachdan tro phost-d 84% 68% 83% 58%
Coinneamhan air-loidhne/seiminearan-lìn 62% 48% 15% 13%
Làrach Sharepoint Chruth-atharrachadh UHI 56% 44% 0% 0%
Tachartasan bualaidh a-steach (aghaidh ri aghaidh) 25% 36% 10% 17%
Naidheachdan air an làraich-lìn 22% 28% 38% 27%
Naidheachdan sna meadhanan sòisealta 14% 24% 32% 37%
Eile (thoiribh fios dhuinn gu h-ìseal) 4% 0% 2% 8%
Chart showing how respondents would prefer to be kept informed of partnership changes separated into demographic categories

Na Dh’fhiosraicheas Oileanaich agus an Curaicealam

Na Dh’fhiosraicheas Oileanaich: Chaidh faighneachd de dh’oileanaich – a’ gabhail a-steach na feadhna a tha an dà chuid nan oileanaich is nan luchd-obrach – dè cho cudromach is a tha caochladh chùisean a thaobh na dh’fhiosraicheas iad mar oileanach a tha clàraichte ann am fear de chom-pàirtichean acadaimigeach UHI (faicibh Ìomhaigh 12). Bha barrachd tasgaidh ann an goireasan teagaisg is rannsachaidh agus càileachd air a mheas a bhith air an rud a bu chudromaiche, is gun ach beagan luchd-freagairt a’ faicinn barrachd chothroman a bhith ag ionnsachadh no a’ bruidhinn Gàidhlig mar rud fìor chudromach.

Ìomhaigh 12: Dè cho cudromach is a tha na leanas a thaobh na dh’fhiosraicheas sibh mar oileanach clàraichte ann am fear de chom-pàirtichean acadaimigeach UHI? [Bunait: Oileanaich (144), An dà chuid oileanach is neach-obrach (25)]

Factor Fìor chudromach Cudromach gu ìre Gun a bhith uabhasach cudromach Gun a bhith cudromach idir
Barrachd tasgaidh ann an goireasan teagaisg is rannsachaidh agus càileachd 73% 24% 2% 1%
Pròiseasan soilleir is earbsach, o fhiosrachadh is cur a-steach gu ceumnachadh  71% 26% 1% 2%
Cùrsaichean le slighean soilleir gu teisteanasan is dreuchdan 66% 24% 8% 2%
Conaltradh soilleir o UHI mu atharrachaidhean agus ceuman air aghaidh a thaobh eagarachaidh  59% 30% 9% 2%
Cothrom air taic a thaobh dhreuchdan is so-fhastachd 46% 35% 13% 5%
Barrachd sheirbheisean taice do dh’oileanaich (mar eisimpleir, leas, taic acadaimigeach, siostaman nas fheàrr) 41% 41% 14% 5%
Cothrom air goireasan san sgìre ionadail agaibh fhèin 37% 42% 13% 9%
Coimhearsnachd oileanaich làidir le cothroman co-luadair taobh a-muigh den t-seòmar-theagaisg 33% 36% 24% 7%
Barrachd chothroman a bhith ag ionnsachadh no a’ bruidhinn Gàidhlig 17% 18% 34% 31%
Chart showing how important respondents feel certain experiences are as an enrolled student within the UHI Partnership

Mar fhreagairt air ceist teacsa fosgailte a’ faighneachd dè a ghabhadh leasachadh a thaobh na dh’fhiosraicheas iad gu h-acadaimigeach no mar oileanaich, dh’iarr mòran oileanaich barrachd chlasaichean is gnìomhachdan sòisealta air an àrainn. Bhathas gam faicinn seo sònraichte cudromach do dh’oileanaich ag ionnsachadh air cùrsaichean a tha air-loidhne air fad. Thog iad cuideachd feum air cothrom nas fheàrr a bhith a’ dol a dh’ionnsaigh òraidichean is luchd-teagaisg eile agus iùl nas soilleire a bhith air a thoirt seachad mu shusbaint chùrsaichean agus measaidhean.

Curaicealam is Sgilean: Bha trian (33%) den luchd-fhreagairt ‘eile’ buailteach a bhith ag aontachadh gun robh curaicealam làithreach UHI a rèir fheuman feachd-obrach ionadail agus a’ solar foghlam is trèanadh freagarrach airson chothroman cosnaidh sgìreil an-diugh agus san àm ri teachd; bha 10% ag aontachadh gu mòr. Air a shon sin, bha cuibhreann nach bu bheag a’ cur teagamhan an cèill, agus 38% ag easaontachadh thar cheann (faicibh Ìomhaigh 13).

Ìomhaigh 13: A bheil sibh ag aontachadh gu bheil curaicealam làithreach UHI a rèir fheuman feachd-obrach ionadail agus a’ solar foghlam is trèanadh freagarrach airson chothroman cosnaidh sgìreil an-diugh agus san àm ri teachd? [Bunait: Eile (52)]

Freagairt Àireamh sa cheud de luchd-freagairt iomlan
Ag easaontachadh gu mòr 17%
Buailteach a bhith ag easaontachadh 21%
Gun a bhith ag aontachadh no ag easaontachadh 19%
Buailteach a bhith ag aontachadh 33%
Ag aontachadh gu mòr 10%
Bar chart showing whether respondents agree or disagree that UHIs current curriculum aligns with local workforce needs and provides training and education suited to the region

Chaidh iarraidh air luchd-freagairt sa chatagaraidh ‘eile’ am beachdan a phàirteachadh air mar a dh’fhaodadh com-pàirteachas UHI dèanamh nas fheàrr ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil an curaicealam aige a rèir chothroman cosnaidh sgìreil san àm ri teachd. Am measg mholaidhean eile, chomhairlich iad UHI a bhith a’ conaltradh ri luchd-fastaidh is gnothachasan ionadail, a bhith ag ath-sgrùdadh nan cùrsaichean is na susbaint aige gu cunbhalach, agus a’ trusadh dàta air cothroman cosnaidh ri teachd agus feuman earrainnean.

Co-dhùnaidhean is Molaidhean

Tha am mion-sgrùdadh air a’ chonaltradh a’ leigeil ris caochladh sheallaidhean a tha fillte agus corra uair a’ dol an aghaidh a chèile. Tha taic ann san fharsaingeachd do mhisean UHI agus mòran de phrionnsabalan a’ chruth-atharrachaidh, ach tha iomagainean cudromach ann fhathast mu thrìd-shoilleireachd, cothromachd, agus freagairteachd ionadail.

Tha an aithisg seo a’ toirt bunait fiosrachaidh uile-chudromach airson buaidh a thoirt air an ath cheum sa phròiseas cruth-atharrachaidh agus a dhèanamh cinnteach gum bi atharrachaidhean a rèir luachan, fheuman, agus àrd-amasan choimhearsnachd eadar-mheasgte UHI.

An àm a bhith a’ dealbhadh na Cùise Gnothachais Iomlain, tha e do-sheachanta:

  • Luchd-obrach is luchd-ùidhe a bhith a’ gabhail pàirt ghnìomhach ann a bhith a’ cumadh nan tairgsean,
  • A’ bhuaidh air fèin-aithne is coimhearsnachdan ionadail a bhith air a cothromachdh gu faicilleach le amalachadh ro-innleachdail,
  • Prìomhachas a bhith air a thoirt do leasachadh dreuchdail agus cumhaichean obrach cothromach,
  • Conaltradh a bhith trìd-shoilleir, cunbhalach, agus air a fhreagarrachadh a rèir fheuman eugsamhail luchd-ùidhe.

Stèidhichte air a’ mhion-sgrùdadh a rinn sinn, is e na molaidhean againn airson conaltradh is mion-sgrùdadh a dh’ionnsaigh na Cùise Gnothachais Iomlain UHI a chumail air a’ dèanamh mar a leanas:

  • A bhith cinnteach gum bi soilleireachd ann a thaobh bhriathran cudromach a bhoineas ri planadh gnothachais agus stiùireadh atharrachaidh
  • A bhith a’ piseachadh an òrduigh anns an cuirear a-mach na stuthan a bheirear seachad agus anns an iarrar beachdan an uair sin
  • Suirbhidhean ri teachd a dhealbhadh gus am bi earrainnean le slighean treòraichte annta
  • Stòrasan gu leòr a sholar airson seiseanan conaltraidh mar phàirt de mhodh-obrach ioma-sheanaileach.